Ma tha 163 ‘oide’ aig muinntir Ùlpain, càite bheil iad?
Sa Chèitean sa chaidh dh’aithris An t-Albannach nach robh Deiseal Earranta a’ bualadh nan targaidean aca thaobh àireamhan oileanach. Bha ceannard a’ Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh, earbsach ás a’ bhuidhinn fhathast, ’s e glè riaraichte gun robh 163 neach-teagaisg, neo “oidean”, air an trèanadh leotha. Fhuaradh fiosrachadh ùr a tha fàgail na h-àirimh sin glè an-earbsach, ge-tà.
Chunnaic mi copaidh de chlàr nan oidean aig Deiseal. Tha 163 ainm air ceart gu leòr, ach fhuair mi a-mach gu bheil feadhainn dhiubh sin glè dhiombach de dh’Ùlpan. Thuirt aon fhear, nach robh ag iarraidh ainm fhoillseachadh, rium: “Rinn mi an trèanadh air son Ùlpan ceart gu leòr agus rinn mi aon sreath de chlasaichean-oidhche Ùlpan, ach cha do chòrd e rium ’s fhuair mi gun robh na dòighean-teagaisg agam fhìn mòran na b’ èifeachdaich na Ùlpan. Cha chleachdainn Ùlpan a-rithist.” Ach tha ainm air a’ chlàr fhathast.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdA rèir neach àraid, tha àireamh mhath dhaoine air a’ chlàr nach do rinn ach seisean-trèanaidh no dhà; an uair sin rachadh na h-ainmean aca dhan a’ chlàr gun fhiosta dhaibh agus bhiodh “stand-up fight” aig na daoine sin gus am fiosrachadh sin a thoirt dheth! Bha an neach seo am measg corra dhaoine, a b’ àbhaist a bhith ag obair do dh’Ùlpan, a bhruidhinn rium ach leis am bu mhiann na h-ainmean aca a chumail dìomhair.
A rèir learngaelic.com, san t-Sultain am-bliadhna bha 70 clas Ùlpain gan tairgse. Ach chan eil seo ciallachadh gu bheil a h-uile gin dhiubh ga ruith. Chaidh innse dhomh le neach eile: “Tha iomadh clas, a chaidh a shanasachd, ga chur dheth air sgàth dìth iarrtasan.” Agus fiùs ged a rachadh a h-uile clas air adhart, cha bhiodh seo idir a’ ciallachadh gum biodh 70 neach-teagaisg ri’n cur gu feum.
“Chanainn-sa nach robh a’ mhòrchuid de na h-oidean a-riamh a’ teagasg clas sam bith,” thuirt an neach seo a-rithist. “’Nam bharail-sa tha mu 85 ás a’ cheud de na h-oidean gun chlasaichean aig an àm seo ach tha buidheann beag de dh’oidean a’ teagasg barrachd ’s aon chlas.”
Tha feadhainn air a’ chlàr nach eil a’ fuireachd ann an Alba idir. Bhruidhinn mi ri Stephen Jackson, fear dhen a’ chiad luchd-teagaisg a chaidh a thrèanadh, a tha fuireachd a-nis ann an Eilean Mhanainn bho chionn ceithir bliadhna. “Gu dearbh chan urra dhomh teagasg ann an Alba,” thuirt e rium, ’s chuir e ris gun robh e faotainn modh-teagaisg Ùlpain ’na “bhreisleach”. Ach tha clàr Dheiseal a’ toirt a chreidsinn gu bheil e fhathast ri fhaotainn air son teagaisg ann an Alba.
Nas neònaiche buileach is dòcha, tha fear Alasdair Cameron air a chlàradh ’na oide. Tha am fear seo ’na cho-chomhairliche gnìomhachais do Dheiseal, ’s tha e gu mòr an sàs ann an obair a’ chompanaidh. Bho chaidh innse dhomh le mòran nach eil Gàidhlig aige, bha mi air son faighneachd dhen Chamshronach agus do Dhàibhidh Grannd, stiùiriche a’ chompanaidh, ciamar a dh’fhaodadh e Gàidhlig a theagasg. Cha d’fhuair mi riamh freagairt bhuapa ge-tà mun cheist seo no mu phuing sam bith eile, ged a dh’fheuch mi fad còrr agus dà mhìos.
Niall MacRath