Rocairean rocach
Thòisich an oidhche leis an Sweet, a dh’fhàs ainmeil an toiseach airson a bhith a’ cluich ceòl pop bog mar ‘Funny Funny’ agus ‘Poppa Joe’. Dh’fhàs iad sgìth dheth sin ann an ùine nach robh fada, ge-tà, ’s mean air mhean thòisich iad air stuth nas rocaiche a dhèanamh – roc cruaidh le fìor dheagh sheinn an co-sheirm ri chèile.
A-nochd, cha robh sgeul air na h-òrain pop idir agus ’s e meatailt a bha fa-near dhan chòmhlan. A’ tòiseachadh le ‘Hellraiser’, chluich iad uair a thìde de na h-òrain as ainmeil aca, a’ gabhail a-steach ‘Wigwam Bam/Little Willy’, ‘Teenage Rampage’, ‘Love is Like Oxygen’, ‘Fox on the Run’, ‘Action’ agus ‘Ballroom Blitz’ cho math ri dà òran bhon chlàr làidir ùr aca.
Advertisement
Hide Ad’S e Andy Scott an cluicheadair giotàir is sgrìobhadair òrain an aon bhall tùsail a tha air fàgail ach còmhla ris tha fìor dheagh sgioba: Tony O’Hora air giotàr is meur-chlàr, Pete Lincoln air seinn is beus agus Bruce Bilsland air drumaichean. Rinn an Sweet clàr ùr fìor mhath bho chionn goirid – New York Connection, a tha a cheart cho math ri rud sam bith a rinn iad sa 70an, agus tha e math gu bheil an còmhlan fhathast a’ coimhead air adhart.
Bha e coltach gun robh Slade a’ coimhead air ais ge-tà. Sna làithean seo, ’s e nàdar de chòmhlan-samhla no tribute band a th’ annta. Ged a tha Dave Hill (giotàr) – air a bheil coltas Ronnie Corbett sna làithean seo – agus Don Powell (drumaichean) ann fhathast, chan eil Noddy Holder (seinn/giotàr) no Jim Lea (beus) ann tuilleadh, an dithis a sgrìobh na h-òrain, ’s gun ghuth Noddy cha b’ e Slade ceart a bh’ ann ged a rinn an seinneadair làithreach Mal Mac an Ultaigh a dhìcheall.
Ach abair gun robh an ceòl math a dh’aindeoin sin, leis na h-òrain chlasaigeach uile ann: ‘Everyday’, ‘Far Far Away’, ‘My Oh My’, ‘Mama Weer All Crazee Now’ agus ‘Cum on Feel the Noize’. Mar a bhite an dùil, thàinig an oidhche gu crìch le ‘Merry Christmas Everyone’ agus chaidh a h-uile duine dhachaigh toilichte.