Dòmhgan agus an Cogadh Mór
Bha Dòmhgan beò ’s aig àirde a chomasan sna bliadhnachan uabhasach sin. Seo a-nist duine a thuirt mun Ghàidhlig ann an 1916, san aist’ aige ‘A’ Ghàidhlig agus a Muinntir’, nach robh “uibhir frìde de mhisnich mhoralta ’nar daoine”. Cainnt làidir. Tha fhios gun robh pailteas aige ri ràdh mun chogadh, ma-tà?
Bhà ’s cha robh. Tha agad ri dhol a-mach a choimhead air a shon ’na chuid sgrìobhaidhean, oir tha e tiodhlaigte fon uachdar. Chan eil mi cinnteach car son. B’e a’ chiad cho-dhùnadh chun an tàinig mi gun robh Dòmhgan air ainm a chur ri pàipear – mar obraiche ann an einnseanaireachd electraigeach, gnìomhachas air leth cudromach dhan Stàit – a’ gealltainn nach sgrìobhadh e mu chùisean poblach. Tha mi smaointinn a-nis gu bheil e nas sùbailte na sin. Mar eisimpleir, san aist’ aige ‘Inbhe ar Bàrdachd’, a sgrìobh e san aon bhliadhna, se glé bheag de bhàrdachd neo de bhàird Ghàidhlig a tha e a’ sònrachadh: tha e a’ cur a’ chuideim air bàrdachd Bheurla, air a’ “Bhlas Cheilteach”, air Àilleachd, Soillse agus Sìth. Am faodadh e bhith gur e sin as coireach gur gann a dh’aithnich e ’na chuid bhàrdachd gun robh a leithid de nì ann ri cogadh?
Advertisement
Hide AdMar sin tha mi dol a bhith faiceallach an fhianais a thoirt seachad a réir cuin a chaidh a sgrìobhadh. Tha an dàn mór aige ‘Là nan Seachd Sìon’ (1915–16) beagan air thoiseach air a’ chòrr.
Bha slochdan an aodann an talmhan
’S an d’ amhlaig an dearg-theine ’theas,
’S mar thaisbhalt air ùthachd na beathrach
Gu’m b’ ùr-sgàinte aghaidh nan creag.
Bu lionar ceann taighe ’bha rùisgte
Is cabar dubh smùide ’bha dis,
Gun tugha, gun sgrath is gun sioman
Lom-nochda, tur-spìonte, gun riob’.
Ged tha seo ’na phàirt de dh’iomradh air gèile sna h-eileanan, a bheil duine dol a chumail a-mach nach robh an cogadh sna trainnsichean an inntinn Dhòmhgain nuair sgrìobh e a’ chiad dhà shreath? Agus seo crìoch an dàin:
Bhuail coileach na sìthe a sgiathan,
A’ salmadh a’ fianuis gach pòir,
“O, cliù dhuit-s’ Aon-Dé na Trianaid
A ghiùlain troimh sheunaibh sinn beò!”
Seall am facal a thagh e. Chan e “fèath” no “turadh” ach “sìth”. Tha seo a’ togail ceist: a bheil ‘Là nan Seachd Sìon’ ’na dhàn cudromach a thòisich mar iomradh air stoirm ’s a chrìochnaich mar iomradh air a’ chron a tha cogadh a’ deanamh dha na bochd?
Ann an ‘A’ Ghàidhlig agus a Muinntir’ tha Dòmhgan beagan nas soilleire. Tha e a’ crìochnachadh: “Tha cinnich na h-Eorpa an ceartair a’ leadairt a chéile; a’ sabaid air son am beò mar chinnich, agus ’s e mo dhòchas nach leig sinne seachad an cothrom so na’s mó air sinn féin agus ar còraichean a chur air suidheachadh is fhearr agus is airidhe am measg shluaghaibh an t-saoghail.”
Ged tha e bruidhinn air “còraichean”, tha a’ bhliadhna 1916 ’s an cuideam a tha e cur air “cinnich” agus air “sluaghaibh” a’ toirt a chreidsinn ormsa gur e ar-a-mach na Càisge an Éirinn a tha ’na inntinn. Mar sin, saoilidh mi gu bheil Dòmhgan leis fhéin am measg bàird Ghàidhlig a’ Chogaidh Mhóir. Buinidh e dhan aon treubh ri Deòrsa mac Iain Deòrsa, aon de bhàird mhóra an Dara Cogaidh, a bha an aghaidh a’ chogaidh air adhbharan moralta agus nach robh dìleas do Chrùn Bhreatainn.
Air adhart gu 1917 agus shaoileadh tu gum biodh dàn sgrìobhte sa bhliadhna sin le tiotal mar ‘Gairm Dùsgaidh’ làn smuaintean mun chogadh ’s mu na Boillseabhaich san Ruis. Chan eil. Tha e ’na ghairm gu luachan spioralta, uile a’ stiùireadh chun an fhacail mu dheireadh, “Tìr-nan-Og”. Tha am Boillseabhach a bh’ ann an Dòmhgan ag ainmeachadh “salachar-mhaoin” san dol seachad, ach tha an còrr buileach mì-iomchaidh nuair a tha Armageddon a’ dol, ’s Gaidhil òga gam marbhadh ’nan dusain a h-uile latha.
O, cuimhnich fòs nach e do shalachar-mhaoin
A mheasas Eòlas agus Oilean naomh.
O, tuig gu ceart so nach e tòic na feòl’
No cnàimh de d’ choluinn ach an spiorad beò
A sheasas cùirt nan àl.
Advertisement
Hide AdDòcha gu bheil an dàn gaoil ‘Ròs Àluinn’, sgrìobhte san aon bhliadhna, gar toirt nas fhaisg’ air cnag na cùise.
Neo ’n e aon de chlann na sgéithe
’Gheibh do ghaol mar mhil do chléibhe?
O, ma ’s e,—carson nach feudadh
Mise féin a bhi de’n àl sin?
Ciont. Tha ‘Gaol-Mhulad’ (cuideachd 1917), a tha eadar bàrdachd agus rosg mar a b’ fheàrr leis a’ Chomunn Ghaidhealach sna làithean sin, ’na aisling a chitheadh saighdear leòinte. Tha e làn cainnt mar “chunnaic mi ’san chòmh-thràth seana chraobh nan caogad Samhuinn a’ smìdeadh le a meòirean ioma-luasgach ris a’ chuan shiar”. Agus an-athbhliadhn’, 1918, anns an aiste mhoralta aige ‘Innis-na-Bréige’, tha Dòmhgan a’ toirt dhuinn a bheachd air faoineas a’ chogaidh. “Tha ’n diugh an saoghal, seadh, clann-daoine, air a chuthach dhearg dhaite fo iotadh confhathach agus con-shamhuil fala, feòla, agus féithe, le craos do-shàsta air son beathannan càch a chéile a sgrios; air dhall-mhisg le deoch daoraich nan deomhan – as leth Onoir agus Firinn! – as leth Ceartais agus Saorsa!”
Advertisement
Hide AdAs déidh cogadh thig . . . statistigean. “Ri linn cheithir bliadhna de chogadh,” sgrìobh e ann an ‘Litir Dhachaidh’ (1924), “mharbh air neo mhort iad cunntas mhuillionan de chàch a chéile, seadh, air sgàth druthaige ola, air sgàth guail, iarainn, agus meatailtean eile.” Thug e barrachd rum dhan chogadh ann an ‘Cogais Nàiseanta’ (1927–30) na thug ann an aiste sam bith a sgrìobh e roimhe. An turas seo tha e a’ tomhas cosgais a’ chogaidh, chan ann ann am fuil, ach ann am puinnd Shasannach. Fhuair e a-mach gun do chosg e £8m gach latha. “Ochd muillionan ’san là! Nan robh ochd muillionan air son aon là féin aig Bòrd an Aiteachaidh no aig Bòrd an Iasgaich, an àite na cochaire truaighe a tha iad a’ faotainn eatorra ’sa bhliadhna, saoil am bu bheag an tairbhe sin gu sonas agus sòlas a thogail an àite gach donais agus dòlais a tha a’ duanadh ar dùthcha?”
Anns an aon aiste tha Dòmhgan a’ togail ceist nach eil a’ nochdadh ann an sgrìobhaidhean Gàidhlig eile mun chogadh, ’s nach deach a fhreagairt fhathast ann an 2015. Co leis a tha an dùthaich? “Is dòigh leinn a ràdh gu’n do sheas iad as leth an dùthcha, ach gus am faigh sinn an dearbhadh gur leò-san an dùthaich sin chan fhaod sinn a bhi a’ cleachdadh barra-chainnt de ’n t-seòrsa. Sheas na Gàidheil, mar is tric a rinn iad, as leth an ainme gun an tairbhe. Sheas iad mar nach do sheas sluagh eile fo ’n ghréin as leth na dùthcha a bha air an ainmeachas a mhàin dhaibh, ach tha fios a nochd aig a’ chomhachaig, agus brath aig an dóbhran far an d’ fhuair iad an àrach, agus fios a’ chràidh aig an fheadhainn gus nach till iad tuilleadh.”
Seo sgrìobhadh cho ceart, cho fìrinneach ’s cho uasal ’s a leugh mi riamh mun Chogadh Mhór.
• Tha sinn an dòchas airtigeal eile fhoillseachadh mun sgrìobhadair chudromach seo a dh’aithghearr – “Dòmhgan tro shùilean Barrach”, le Ruairidh Caimbeul