Boinne ann am beul na gaoithe
Anns na deich bliadhna bho thoisich Ùr-Sgeul thug e do luchd-leughaidh 40 ùghdar, 24 nobhail, naoi leabhraichean eile, iomadh uair de thlachd, ’s beairteas thar tomhais de litreachas Gàidhlig. Thathar an dòchas gun téid togail air dìleab Ùr-Sgeul tro sgeam’ ùr Aiteal aig Acair ’s tro obair CLÀR, a chumas orra a’ foillseachadh ficsean ùr.
• Chaill an Rìoghachd Aonaichte an reatadh creideis AAA aice leis gun robh na fiachan aice cho mór.
Advertisement
Hide Ad• Gheàrr heileacoptair teasargainn an ròpa aig sreapadair air Beinn Nibheis le tubaist, nuair a bha an sgioba a’ feuchainn ri a theàrnadh o ghualainn na beinne. Thuit e 160 troigh gu a bhàs.
• An déidh dhaibh còraichean iasgaich agus seilge a thoirt air falbh o chroitearan Ratharsair, thug Riaghaltas na h-Alba air ais iad air son bliadhna eile.
• Ghléidh na Lib-Deamaich frith-thaghadh Eastleigh a dh’aindeoin sgainneal as déidh sgainneal, le UKIP san dara àite.
• Leig am Pàpa dheth a dhreuchd gu h-oifigeil.